B’ e meanbh-dhùthaich ann an cridhe na Gearmailt a mhair dìreach ochd bliadhna bho 1806 gu ruige 1814 a bh’ anns A' Prionnsalachd Isenburg (Gearmailtis: Fürstentum Isenburg). B’ e Birstein a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha[1] agus b' e an Teaghlach Isenburg fhèin a bha os a cionn.[2] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1806, an dèidh Chòradh Tilsit, nuair a ghabh Isenburg-Birstein os làimh (Gearmailtis: Mediatisierung) Isenburg-Büdingen, Isenburg-Meerholz, Isenburg-Philippseich, agus Isenburg-Wächtersbach. Bha Napoleon Bonaparte a' feuchainn ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[3] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Bha Isenburg na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1806, a' cur 291 saighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais. B' e rud doirbh dhan stàit a bha seo. Chaidh fearann na Prionnsalachd a sgaradh eadar Hesse-Darmstadt agus Hesse-Kassel an dèidh Chath Leipzig, a chaill Napoleon ann an 1813.[4]